Cuirear dàrna aiseag Ìle air bhog san Ògmhios

Dealbh neach-ealain den MV Loch IndaalTùs an deilbh, CMAL
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid an MV Loch Indaal a chur air bhog san Tuirc san Ògmhios

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis CMAL gun tèid an MV Loch Indaal a chur air bhog air an 8mh den Ògmhios.

Tha i ga togail aig gàrradh Cemre Marin Endustri ann an Yalova san Tuirc.

Chaidh an soitheach eile a thathas a' togail do ChalMac aig an làraich, an MV Isle of Islay, a chur dhan uisge airson a' chiad uair sa Mhàrt am-bliadhna.

Gabhaidh gach bàta-aiseig 450 luchd-siubhail, 100 càraichean, no 14 carbadan coimearsalta.

'S e àrdachadh 40% a tha seo air na ghabhas giùlain an-dràsta de charbadan prìobhaideach agus bathair air slighean Ìle.

Tha dùil ris an Loch Indaal ann an Alba sa Ghearrann 2025.

Bidh deuchainnean agus trèanadh a' chriutha ann mus tòisich i ann an seirbheis.

Tùs an deilbh, CMAL
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an Isle of Islay a chur air bhog san Tuirc sa Mhàrt

Thuirt Àrd-oifigear Eadar-amail ChalMac, Donnchadh Mackison: "'S e naidheachd mhath dha-rìribh a th' anns a' cheann-là airson cur air bhog an MV Loch Indaal.

"Bidh fiughair air muinntir Ìle ris an dà shoitheach ùr ann an cabhlach ChalMac," thuirt e.

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop: "'S e clach-mhìle chudromach eile a tha seo agus gealltanas Riaghaltas na h-Alba ann sia bàtaichean mòra a lìbhrigeadh ro 2026," thuirt Ms Hyslop.

Thèid cuirm ainmeachaidh oifigeil a chumail ann an Ìle meadhan na h-ath-bhliadhna.