Prìomh fhiosrachadh

Bidh gach ràith a' toirt thugainn diofar sheòrsaichean sìde. Carson a bhios seo a' tachairt agus ciamar a bhios e a' toirt buaidh air an t-saoghal mun cuairt oirnn?

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Carson a bhios na ràithean ag atharrachadh
  • An seòrsa sìde a bhios againn anns gach ràith
  • Mar a bhios na ràithean a' toirt buaidh air beathaichean agus lusan

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach carson a bhios an t-sìde ag atharrachadh leis na ràithean.

Dè bhios a' toirt air na ràithean atharrachadh?

  • Tha an dòigh a tha an Talamh ag aomadh ag adhbhrachadh nan ràithean.
  • Tha na pàirtean dhen Talamh a tha ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine a' faighinn barrachd de theas agus de sholas na grèine.
  • Tha na pàirtean dhen t-saoghal a tha ag aomadh air falbh a' faighinn nas lugha de theas agus de sholas na grèine.
  • Bidh an Talamh a' toirt bliadhna shlàn (365 làithean) a' cur cuairt air a' ghrèin.
  • Mar a bhios an Talamh a' siubhal mun cuairt na grèine, bidh àitichean a tha ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine ag atharrachadh. Canar ràithean ris na h-atharraichean sin.
  • Tha ceithir ràithean ann: an t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh.

Faigh a-mach barrachd mun ghrèin agus carson a tha i cudromach dhuinn a seo.

Tha an taisbeanadh seo a' sealltainn eisimpleirean a tha fìor dhe na ràithean ann an Alba agus an seòrsa sìde a bhios gach ràith a' toirt thugainn.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Craobhan-siriste fo làn bhlàth, An t-earrach Bidh lathaichean nas fhaide agus sìde nas blàithe ann as t-earrach, a' cuideachadh lusan gu fàs. Bidh blàthan air cuid de chraobhan, mar na craobhan-siriste seo ann an Eilginn. (John Bracegirdle / Alamy Stock Photo)
Back to top

  • An Crios-meadhain - Loidhne mhac-meanmnail a tha a' roinn na talmhainn na dà leth: an Leth-chruinne a Tuath agus an Leth-chruinne a Deas.
  • An Leth-chruinne a Tuath - An leth dhen talamh a tha eadar am Pòla a Tuath agus an Crios-meadhain.
  • An Leth-chruinne a Deas - An leth dhen talamh a tha eadar am Pòla a Deas agus an Crios-meadhain.
  • teòthachd - Mar a bhios sinn a' tomhas dè cho fuar no cho teth 's a tha e. 'S àbhaist dhuinn a bhith a' tomhas teòthachd ann an ceuman Celsius.
  • cadal-geamhraidh - Nuair nach bi beathach a' dèanamh dad ann am mìosan a' gheamhraidh airson an lùths a chaomhnadh. Bidh an t-analachadh agus reat a' chridhe aca a' slaodachadh agus bidh teòthachd am bodhaig a' tuiteam.
Back to top

Feuch dè na tha fios agad mun t-sìde agus mu na ràithean leis na ceistean seo.

Back to top

Dùbhlan

Dealbhaich postair mun ràithe as fheàrr leat.

Tagh an ràith as fheàrr leat: an t-earrach, an samhradh, am foghar no an geamhradh. Am mìnich thu cuid de dh'fheartan na ràithe seo?

Seo beagan bheachdan airson faighinn gu dol:

  • Dè an seòrsa sìde a bhios ann rè na ràithe as fheàrr leat?
  • A bheil an RA ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine no air falbh bhon ghrèin rè na ràithe seo?
  • Dè tha a' tachairt do bheathaichean agus do lusan rè na ràithe seo? A bheil tòrr lusan a' fàs? A bheil beathaichean a' dèanamh cadal-geamhraidh no a bheil beathaichean beaga gam breith?

Ma tha thu a' cur feum air cuideachadh leis a' phostair agad, gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh a seo: Mar a nì thu postair.

Back to top